abstract
| - Tha uiread de bhàrdachd air a thighinn às an Rudha thairis air na bliadhnaichean ’s gu bheil e do-dhèante a h-uile pìos dheth a chruinneachadh. Thuirt Ronnie Black, aon de na prìomh eòlaichean air bàrdachd Gàidhlig, gum b’e Pabail prìomh-bhaile bàrdachd an t-saoghal, agus thàinig tòrr bhàird bho bhailtean eile na sgìre cuideachd. A dh’aindeoin sin, cha deach mòran a sgrìobhadh air a’ bhàrdachd seo neo mu dheidhinn na bàird a sgrìobh e. A thuilleadh air dhà neo thrì de na bàird as ainmeil, chan eil na dusain eile a’ faighinn an aithneachd air a bheil iad airidh. Air sgàth seo, smaoinich mi gun dèanainn pròiseact airson seo a chur ceart gu ìre. Bha mi airson na bàird baile agus an leithid a thoirt gu aithne dhaoine, agus a’ bheairteas bàrdachd nach eil ann an clò a dhèanamh nas aithnichte leis a’ mhòr-sluagh. Leis an amas sin agam, agus le taice bho Chomunn na Gàidhlig, thòisich mi air a’ phròiseact. Is e pròiseact leantainneil a tha ann agus is urrainn stuth a chur ris aig àm sam bith. __NOEDITSECTION__
|