Tha an artaigeil seo ann an Gàidhlig. Is urrainn an fhear Beurla a leughadh an seo. Rugadh Uilleam MacDhòmhnaill 'ic Coinnich ann an Siadar an Rudha anns a' bhliadhna 1857. B'e MacCoinnich a shloinneadh air an dà thaobh: 's e a bha air cuideachd athair a thàinig à Loch Seilg air na Lochan, agus b'e athair fhèin Dòmhnall MacCoinnich MhicCoinnich on Chnoc. An uair a chaidh pìosan fearann a thoirt a-mach bhon uachdaran is am briseadh sios nan lotaichean ann an am meadhan an 19mh linn, b'e Dòmhnall an aon duine de mhuinntir an Rudha a fhuair lot ann an Siadar. Thàinig màthair Uilleim, Bellag, à Seiseadair, nighean Mhurchaidh Mac-an-Leighe. Bha cleachdadh làidir bàrdachd ann an teaghlach Uilleim. Bha triùir de theaghlach a phàrantan ri bàrdachd, agus nam measg bha a bhràthair Murchadh MacCoinni
Entity | Attribute | Value | Rank |
---|